Dachaigh Deasbad 2011 Bhidiothan Deilbh Eachdraidh Stìuireadh Fiosrachadh

Fàilte oirbh gus a' cho-fharpais bhliadhnail airson sgoilearan air AS4 - AS6

Ùr air an Làraich

Anns an dealbh seo chìthear Eleanor Wilson agus am britheamh Ruairidh Iain MacLeòid. Chaidh duais sònraichte a thoirt do dh’ Eleanor, aig deireadh an dàrna là, airson seasamh an àite nighean ann an sgioba Àrdsgoil Ualais an dèidh dhi tarraing a-mach. Bha Eleanor na pàirt de sgioba Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu B. Bha na britheamhan air am beò ghlacadh leis an dòigh anns an robh Eleanor deònach taic a thoirt do sgioba eile, aig a’ mhionaid mu dheireadh.