Fiosrachadh mu Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2017

A’ Chiad Dà Chuairt: 7/8 Samhain (Dimàirt/Diciadain) aig e-Sgoil, Sràid Fhrangain, Steòrnabhagh.
Na Cuairtean Deireannach: 28/29 Samhain (Dimàirt/Diciadain) ann an Glaschu agus Dùn Èideann
Gabhail Pàirt: 16 sgioba à 16 sgoiltean

Cruth a’ Chiad Dà Chuairt:
A’ Chiad Chuairt: Bidh gach sgioba a’ deasbad air diofar chuspairean. Cha bhi aon sgioba a’ buannachadh agus thèid a h-uile sgioba air adhart gu bhith a’ deasbad an ath là. Gheibh gach sgioba puingean agus thèid na puingean seo air adhart chun an dàrna là.
An Dàrna Cuairt *: Bidh gach sgioba a’ deasbad air an aon chuspair. Cha bhi na sgiobaidhean a’ tighinn a-steach don t-seòmar-deasbaid gus am bi iad fhèin a’ deasbad. Thèid na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean, bhon dà là, air adhart gu na cuairtean deireannach.
Uairean: 7 Samhain: e-Sgoil: 1.00 feasgar agus 6.30 air an oidhche. Bidh dìnnear ann an Eleven aig Taigh-òsta An Caladh Inn mu chòig uairean.

8 Samhain: e-Sgoil: 10.30m-1f
Gabhaidh ceithir deasbadan àite.

2f-5f

Gabhaidh na ceithir deasbadan eile àite. An uairsin, gheibh na britheamhan cothrom falbh gus beachdachadh air cò na ceithir sgiobaidhean a thèid air adhart chun na h-iar chuairtean deireannach.

An uairsin bidh dìnnear ann an Eleven mu shia uairean.

Riaghailtean Gheibhear riaghailtean na deasbaid air an làrach-lìn aig www.deasbadbtalba.com
Siubhal Bidh siubhal air a chur air dòigh le Lauren NicSuain aig 01851708662. lauren.macsween@cne-siar.gov.uk. Bidh bus no tagsaidh a’ feitheamh oirbh aig a’ phort-adhair ann an Steòrnabhagh.
Àite-fuirich Bidh a h-uile duine a’ fuireach aig an Caladh Inn, James Street, Stornoway HS1 2QN. Tel 01851702740. Bidh leabaidh is bracaist pàighte is gheibh sibh brot is ceapairean aig meadhan an latha. Bidh sibh ag ithe oidhche Mhàirt agus oidhche Chiadain ann an Eleven. Cha phàigh sinn cosgais sam bith a thèid air rumannan leithid fòn no deoch sam bith. Cumaibh ticeadan bus, tagsaidh is eile oir chan urrainn dhuinn sgillinn a phàigheadh às aonais fianais.
Biadh/slàinte Leigibh fhaicinn dhuinn ma tha duilgheadas slàinte aig neach sam bith a tha tighinn còmhla ribh agus a bheil nì sònraichte a dhìth co-cheangailte ri biadh.