Deasbad BT Alba 2009
Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean
Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean

Sgoiltean agus Cuspairean (Cuairt 1):
Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson
na h-argamaid.
na h-argamaid.
A’ Chiad Chuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
3 an t-Samhain 2009
An Lanntair, Steòrnabhagh
3 an t-Samhain 2009
| Òrdugh | Sgoiltean | Cuspairean |
|---|---|---|
| 1:30f | ||
| A | Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A v Sgoil Lìonacleit |
Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh diofar. |
| B | Àrdsgoil Lochabair v Àrdsgoil Ghleann Challdair A |
Tha còir aig easlaintich air cùram slàinte, às bith dè an dòigh beatha a tha aca. |
| C | Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil B v Àrdsgoil Ghleann Challdair B |
Tha an telebhisean nas fheàrr na leabhraichean. |
| D | Àrdsgoil Gheàrrloch v Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich |
Bu chòir do sgoilearan clasaichean pàrantachd a ghabhail. |
| 6:30f | ||
| E | Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn v Sgoil MhicNeacail |
Tha e nas fhèarr a bhith a’ leantainn na bhith air an toiseach. |
| F | Acadamaidh Hazlehead v Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig |
’S e deagh rud a th’ ann an siostam bònas ann an dreuchd sam bith. |
| G | Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu v Àrdsgoil Sheumais Gillespie |
Bu chòir do rannsachadh agus leasachadh fànais a bhith mar phrìomh amas eadar-nàiseanta. |
| H | Acadamaidh Bhaile Theàrlaich v Àrdsgoil Phort Rìgh |
Bu chòir dhuinn sìor-fhàs san eaconamaidh a chur an dàrna taobh airson math na h-àrainneachd. |
An Dàrna Cuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
4 an t-Samhain 2009
1.30 feasgar
An Lanntair, Steòrnabhagh
4 an t-Samhain 2009
1.30 feasgar
Cuspair Cuairt 2 (air am bi a h-uile sgiobadh a’ deasbad): Tha barrachd feum ann an coimhearsnachd mar Twitter agus Facebook na tha ann an coimhearsnachd ionadail sam bith.
| Òrdugh | Sgoiltean |
|---|---|
| A | Sgoil MhicNeacail v Àrdsgoil Ghleann Challdair A |
| B | Àrdsgoil Phort Rìgh v Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich |
| C | Àrdsgoil Gheàrrloch v Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A |
| D | Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil B v Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig |
| E | Àrdsgoil Sheumais Gillespie v Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu |
Na h-Iar Chuairtean Deireannach
Ionad Sgeulachdan na h-Alba
43-45 Sràid Àrd, Dùn Èideann
24 Samhain 2009
6.30 Feasgar
Ionad Sgeulachdan na h-Alba
43-45 Sràid Àrd, Dùn Èideann
24 Samhain 2009
6.30 Feasgar
| Òrdugh | Sgoiltean | Cuspairean |
|---|---|---|
| A | Sgoil MhicNeacail v Àrdsgoil Phort Rìgh |
Chan eil ciall sam bith ann a bhith creidsinn gun toir aon duine, leithid Barack Obama, atharrachadh air an t-saoghal. |
| B | Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A v Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig |
Bu chòir làn shaorsa a bhith aig na meadhanan leigeil le daoine am beachdan a chur an cèill. |
A’ Chuairt Dheireannach
Pàrlamaid na h-Alba
25 Samhain 2009
6.30 Feasgar
Pàrlamaid na h-Alba
25 Samhain 2009
6.30 Feasgar
| Òrdugh | Sgoiltean | Cuspairean |
|---|---|---|
| A | Àrdsgoil Phort Rìgh v Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig |
Tha an saoghal a tha seo nas fhasa dha na balaich na dhan chlann-nighinn. |
Fiosrachadh mu Dheasbad Bt Alba 2009
A’ Chiad Dà Chuairt:
3/4 Samhain (Dimàirt/Diciadain) anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh
Na Cuairtean Deireannach: 24/25 Samhain (Dimàirt/Diciadain) ann an Dùn Èideann
Gabhail Pàirt: 14 sgoiltean (16 sgiobaidhean)
Cruth a’ Chiad Dà Chuairt:
A’ Chiad Chuairt:
Gheibh 10 sgiobaidhean troimhe - na h-ochd sgiobaidhean a bhuannaich agus an dà sgioba den fheadhainn a chaill as àirde aig a bheil puingean.
Gheibh 10 sgiobaidhean troimhe - na h-ochd sgiobaidhean a bhuannaich agus an dà sgioba den fheadhainn a chaill as àirde aig a bheil puingean.
An Dàrna Cuairt:
Bidh na ceithir sgiobaidhean a bhuannaich anns na h-ochd farpaisean ann an Cuairt 1 a’ faighinn troimhe AGUS an dà sgioba as àirde aig a bheil puingean de na sgiobaidhean a chaill (10 sgiobaidhean air fad).
Bidh na ceithir sgiobaidhean a bhuannaich anns na h-ochd farpaisean ann an Cuairt 1 a’ faighinn troimhe AGUS an dà sgioba as àirde aig a bheil puingean de na sgiobaidhean a chaill (10 sgiobaidhean air fad).
Mar sin, bidh 5 farpaisean anns an dàrna cuairt – gach farpais air an aon chuspair.
Thèid na sgiobaidhean air fad ann an ad aig deireadh Cuairt 1 agus gheibhear a-mach an uairsin an ann AIRSON no AN AGHAIDH na h-argamaid a bhithear a’ deasbad. Mar sin, feumaidh gach sgioba beagan ullachaidh a dhèanamh air GACH taobh den argamaid – ach chan e droch rud a tha sin!
Cha bhi e ceadaichte do sgioba sam bith a bhith anns an talla-deasbaid gus am bi iad fhèin air àrd-ùrlar.
Gheibh na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean troimhe chun iar-chuairt deireannaich.
Uairean:
3 Samhain: 1.30 feasgar agus 6.30 air an oidhche. Bidh cothrom ann air “ice-breaker/warm-up” san Lanntair aig 1.00 agus 6.00. Bidh dìnnear ann san Lanntair mu chòig uairean.
3 Samhain: 1.30 feasgar agus 6.30 air an oidhche. Bidh cothrom ann air “ice-breaker/warm-up” san Lanntair aig 1.00 agus 6.00. Bidh dìnnear ann san Lanntair mu chòig uairean.
4 Samhain: 1.30 feasgar. Cumaidh cùisean a’ dol gus am bi gach deasbad deiseil, agus an uairsin bidh dìnnear ann san Lanntair. Às dèidh na dìnneir (’s dòcha 7.45), bidh cothrom ann coinneachadh aig cèilidh beag, fhathast san Lanntair. Tha sinn an dòchas buidheann-ciùil òigridh (Oidhche Chiadain) fhastadh airson cuideachadh le seo.
Air madainn 4 Samhain, bidh cothrom aig an fheadhainn nach d’fhuair troimhe dhan dàrna cuairt, beagan fealla-dhà/dannsa/dràma a dhèanamh – ’s dòcha airson beagan dràma aig a’ chèilidh!


Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A 



